Sgoil Faith and Hope - Ciamar a chaidh Slèite an sàs ann?

Tro bhana-charaid a bha aig an àm sin a’ fuireach ann an Slèite, thàinig Rosemary air cuairt dhan Eilean Sgitheanach sa bhliadhna 2005, agus chaidh na ceanglaichean ris an sgìre seo againn a chur air bonn.

Aig an àm sin, thòisich buidheann de mhuinntir na sgìre a’ togail airgid ann an dòigh car earraiciseach. Gus am biodh ar taic nas èifeachdaiche agus nas cunbhalaiche, chaidh sinn air adhart gus buidheann shuidhichte le bun-reachd a chruthachadh, agus choisinn sin inbhe charthannas clàraichte ann an Alba sa Ghiblean 2010.

Sna trì bliadhnaichean airgeadais mu dheireadh, chuir sinn £13,580, £21,060 agus £17,770 a-null thairis dhan sgoil. Phàigh an t-airgead sin pàirt de chosgas trì togalaichean ùra air a robh cruaidh-fheum, agus chaidh e cuideachd gu tuarastal luchd-teagaisg agus cosgaisean bìdhe.

Chaidh an t-airgead sin a thogail tro dhìnnearan agus tachartasan eile sa sgìre, agus cuideachd bho thabhartasan, eadar thabhartasan sònraichte agus thabhartasan cunbhalach agus urrasachd air pàistean-sgoile fa leth.

’S e caraidean Sgoil Hope and Faith an t-ainm a th’ oirnn, agus is iad buill ar comataidh an-dràsta:

Tha Tormod agus Jean air a dhol a chèilidh trì tursan air an sgoil - sna bliadhnaichean 2006, 2008 agus 2010.

Tha co-luadar cunbhalach againn ri Rosemary agus a’ chloinn