Sgoil Faith and Hope - Conaltradh leantainneach

Tha Tormod agus Jean air a dhol a chèilidh còig tursan air an sgoil - sna bliadhnaichean 2006, 2008, 2010, 2014 agus 2016. Ann an 2015 chaidh ball den chomataidh againn, Tony Breen a tha ’na leas-cheannaire air Àrd-sgoil Phortrighe, a-null a chèilidh air an sgoil, agus thàinig fear de thidsearan Hope and Faith a-nall a chèilidh air Àrd-sgoil Phortrighe. Chaidh Tony agus tidsear eile bho Phortrigh a-null a-rithist san Dàmhair 2017. Chaidh na cuairtean seo a phàigheadh leis a’ British Council.

San Lùnastal 2013, thàinig Rosemary a chèilidh oirnn san Eilean Sgitheanach còmhla ri fear na tidsearan agus dithis de na sgoilearan nas sine. Tha sinn an dòchas a bhith comasach pàigheadh airson dà thidsear a thighinn a-nall air cuairt dhan Eilean Sgitheanach san Earrach 2018. Tha co-luadar cunbhalach againn ri Rosemary agus a’ chloinn tron fòn agus tron phost cuideachd.